Ar Luachan

Our Values

Ar Lèirsinn, Ar Luachan agus Ar n-Amasan
Our Vision, Our Values and Our Aims

Ar Lèirsinn/Our Vision

’S i coimhearsnachd àrach, fàsmhor a tha ann am Bun-sgoil agus Sgoil-Àraich Ghàidhlig Ghlaschu, far a bheil cànan agus cultar na Gàidhlig aig crìdhe gach cùis. 

Bidh gach sgoilear a’ soirbheachadh agus a’ coileanadh an cuid comas.  Tha na sgoilearan againn nan tosgairean moiteil don chànan Gàidhlig agus tha spionnadh annta diofar posataibh, gnìomhach a thoirt air an t-saoghal timcheall orra.

Glasgow Gaelic Primary School and Nursery Class is a nurturing and thriving community centred in the Gaelic language and culture.  All children attain and achieve their potential, are proud ambassadors of the Gaelic language and are empowered to actively and responsibly improve the world around them.

 

Ar Luachan/Our Values

 Tha luachan air leth cudromach dhuinn leis gum bi iad a’ riochdachadh na prìomh phrionnsabalan a tha againn agus a’ stiùireadh mhodh agus ar dàimhean.

Our values are very important to us.  They represent the core beliefs that we share, and guide our behaviour and relationships.

URRAM/RESPECTTha moit agus misneachd againn annainn fhèin.  Tha urram làidir againn don chànan Gàidhlig agus bidh sinn a’ strì gu adhartachas fad na tìde.  Bidh sinn a’ cur luach air agus a’ sealltainn meas do bheachdan, faireachdainnean, agus còraichean dhaoine eile.  Bidh sinn a’ dèanamh subhachas air agus a’ cur luach anns na h-eadar-dhealachaidhean eadarainn agus na rudan a tha againn uile ann an cumantas le chèile.  Tha sinn modhail is bidh sinn a’ coimhead a-mach son nàdar agus an àrainneachd.

We have pride and confidence in ourselves.  We are respectful of the Gaelic language and strive to promote it at all times.  We show consideration for the feelings, views and rights of others.  We value and celebrate our differences and appreciate our similarities.  We are well-mannered.  We respect nature and the environment.

 

UALLACH/RESPONSIBILITYBidh sinn a’ dèanamh taghaidhean cùramach, freagarrach.  Bidh sinn a’ dèanamh na tha ceart, fiù ’s an uair nach eil daoine eile a’ coimhead.  Tha sinn reusanta agus co-sheasmhachd nar briathran agus nar giùlan. Bidh sinn a’ gabhail uallach son a’ chànan Ghàidhlig a chomharrachadh agus a chuir air adhart.  Tha sinn ag aithneachadh agus a’ cur aghaidh air neo-ionnannachd sam bith.

We make responsible choices.  We do what is right, even when others are not looking.  We are fair and consistent in our words and actions.  We take responsibility in promoting and celebrating our Gaelic language.  We identify and challenge inequality.

 

COIBHNEAS/KINDNESSTha sinn còir, càirdeach agus smaoineachail ris a h-uile duine.  Tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gu bhith a’ cuideachadh dhaoine eile.  Tha sinn taingeil agus cha bhi sinn a’ gabhail rudan gu nàdarrach.  Tha sinn mothachail mu na feumalachdan a tha againn agus mar a sheallas sinn coibhneas ri daoine eile.

We are kind, friendly and compassionate to everyone.   We go out of our way to help others. We are grateful and do not take things for granted.  We are aware of our own needs and show kindness towards ourselves and others.

 

DÌCHEALL/DILIGENCETha sinn adhartail – bidh sinn ag obair cruaidh agus daonnan a’ dèanamh ar dìcheall anns gach nì gus an soirbhich leinn.  Tha sinn làidir agus cha bhi sinn a’ leigeil suas an uair a tha dùbhlain no cnapan-starra air thoiseach oirnn.  Tha sinn posataibh is bidh sinn a’ sireadh fuasglaidhean son na dùbhlain a tha againn.

We are aspirational, work hard and always try our best to achieve.  We are resilient and do not give up when faced with challenges and setbacks.  We look positively for solutions.

 

Ar n-Amasan/Our Aims

Tha cànan agus cultar na Gàidhlig aig cridhe ar n-amasan, gus dèanamh cinnteach gu bheil i air a snighe tro gach freumh.

At the forefront of all our aims is Gaelic language and culture to ensure it permeates all aspects.

 

Buileachadh agus Soirbheachas/Atttainment and Achievement Tha sinn ag amas air na dùilean as àirde airson na sgoilearan agus an luchd-obrach air fad againn.  Tha sinn a’ strì airson agus a’ cumail taic ri buileachadh agus soirbheachas na h-uile. 

We aim to have the highest expectation of all children and staff and support excellent attainment and achievement for all.

 

Ceannardas agus Sgioba-stiùiridh /Leadership and ManagementTha sinn ag amas air sgilean ceannardais luachmhòr a thogail air feadh na coimhearsnachd sgoile againn tro bhith a’ brosnachadh chnuasachadh agus leasachadh proifeiseanta.  Nì sinn ar dìcheall dèanamh cinnteach gu bheil sgioba luchd-obrach sgileil againn agus gu bheil sinn a’ neartachadh cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh.

We aim to build high-quality leadership across the school community, encouraging reflection and improvement.  We will aim to ensure we have a highly-trained staff team and nurture creativity and innovation.

 

Slàinte agus Sunnd/Health and Wellbeing Tha sinn ag amas gum bidh deagh shlàinte agus sunnd adhartachadh dha na h-uile tro na modhan àraich tar-sgoile a tha againn agus tro eadraiginnean pearsanta, targaichte.  Tha dìon chloinne làidir mar phrìomhachas dha na h-uile.

We aim to promote good health and well-being for everyone through our whole school nurturing approaches as well as individualised targeted interventions.  Robust safeguarding is a priority for all.

 

Teagasg agus Ionnsachadh/Learning and Teaching – Tha sinn ag amas air an teagasg agus an t-ionnsachadh as èifeachdaiche tro churraicealam a tha a’ neartachadh sgilean ionnsachaidh is obrach a thogail làimh ri sgilean fad bheatha, a tha a’ gabhail a-steach litearrachd digiteach. 

To deliver high-quality Gaelic-medium teaching and learning through a curriculum that supports the acquisition of skills for learning, life and work, including digital literacy. 

 

Teaghlaichean agus Coimhearsnachd/Families and CommunitiesTha sinn ag amas gum bi sinn a’ brosnachadh, a’ co-obrachadh agus a’ cuideachadh phàrantan is luchd-cùraim ann a bhith a’ cumail taic ri ionnsachadh agus beatha-sgoile, agus a’ togail is a’ neartachadh com-pàirteachasan làidir eadar an sgoil agus an dachaigh.  Tha sinn cuideachd ag amas air deagh cho-obrachadh a dhèanamh leis na càirdeasan sgoile agus a’ choimhearsnachd sgoile làidir a tha againn.

We aim to engage, collaborate and support parents and carers in their children’s learning and school life, and build strong home-school partnerships. We also aim to work collaboratively with our school partners to enhance opportunities for our school community.

Glasgow Gaelic School Copyright © 2023 | Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu